Category: Gaelic
Posted by: Anne Landin
Anns an leabhar “America’s Braemar” le mo chairdean Dòmhnall MacDhòmhnaill, fhuair mi iomradh a’ chuimhneachain iomchaidh don na Fuadaichean: anns na goireasan fir ann an taigh-seinnse ann an Glaschu, an Lìos Mòr, tha na h-ainmeannan An Darna Morair MacDhòmhnaill, Col. Gordon of Cluny, Patrick Sellar, Bean Gordon-Cathcart, mar eiseimpleir, a-stigh anns na poitean-mhùin. Sin freagarrach, nach eil?
Annag
Category: Gaelic
Posted by: Anne Landin
Category: Gaelic
Posted by: Anne Landin
Chaidh mi dhan Colaiste Ghàidhlig aig Naomh Anna an seachdainn seo chaidh agus bha e math mar as àbhaist. Bha poile de thachartasan a’dol air adhart ‘san t-saoghal Gàidhlig an Ceap Breatain an seachdainn seo chaidh leis Fèis an Eilean agus an seachdainn tumaidh aig a’ cholaiste. Rinn sinn deasbad air na riaghailtean airson a’ Ghàidhlig ionnsachadh: Anns a cheud dol a mach, cuir romhad ma tha e nad chomas, deagh fhear-teagaisg a bhi agad – saoraidh e moran ùine dhut le bhi glanadh air falbh moran imcheistean a bheireadh bhuat do mhisneach, gad chumail o droch mhodh labhairt ionnsachadh a dh’fheumas a bhi air a dhi-chuimhneachadh leat air a cheann mu dheireadh. Tuilleadh a-rithist…
Annag