Chaidh mi dhan Colaiste Ghàidhlig aig Naomh Anna an seachdainn seo chaidh agus bha e math mar as àbhaist. Bha poile de thachartasan a’dol air adhart ‘san t-saoghal Gàidhlig an Ceap Breatain an seachdainn seo chaidh leis Fèis an Eilean agus an seachdainn tumaidh aig a’ cholaiste. Rinn sinn deasbad air na riaghailtean airson a’ Ghàidhlig ionnsachadh: Anns a cheud dol a mach, cuir romhad ma tha e nad chomas, deagh fhear-teagaisg a bhi agad – saoraidh e moran ùine dhut le bhi glanadh air falbh moran imcheistean a bheireadh bhuat do mhisneach, gad chumail o droch mhodh labhairt ionnsachadh a dh’fheumas a bhi air a dhi-chuimhneachadh leat air a cheann mu dheireadh. Tuilleadh a-rithist…
Annag